Ghastly, isn’t it? They can call Social Services, “Mom made us sit in chairs and listen to her repeat psalms in English AND Spanish!”
1 Is e Dia fèin a's buachaill dhomh,
cha bhi mi ann an dìth.
2 Bheir e fa'near gu'n luidhinn aios
air cluainibh glas' le sith
Is fòs ri taobh nan aimnichean
thèid seachad sios gu mall,
A ta e ga mo threòchrachadh,
gu min rèidh anns gach ball.
3 Tha 'g aisig m'anam' dhomh aìr ais:
's a' treòrachadh mo cheum
Air slighibh glan' na fireantachd,
air sgàth 'dheadh ainme fèin.
4 Seadh fòs ged ghluaisinn eadhon trìd
ghlinn dorcha sgàil' a' bhàis,
Aon olc no urchuid a theachd orm
ni h-eagal leam 's ni 'n càs;
5 Air son gu bheil thu leam a ghnàth,
do lorg, 's do bhata treun,
Tha iad a' tabhairt comhfhurtachd
is fuasglaidh dhomh a'm' fheum.
6 Dhomh dheasaich, bord air beul mo nàmh:
le h-oladh dh'ung mo cheann;
Cur thairis tha mo chupan fòs,
aig meud an làin a t'ann.
7 Ach leanaidh maith is tròcair rium,
an cian a bhios mi beò:
Is còmhnuicheam an àros Dè,
ri fad mo rè 's mo lò.