Chorus
Dòmhnaill Antaidh,
Dòmhnaill lé ho,
Hi ri iùl eile;
Dòmhnaill Antaidh,
Dòmhnaill lé ho.
-------
A Dhòmhnaill a chrìdh' an tig thu 'm bliadhna.
Chuala mi gun deach do bhàthadh.
Ann an dam a' mhuilean-shàbhaidh.
Chuirinn mo long mhòr 'gad iarraidh.
Long mòr na stiomar iarainn.
Gheibhinn gillean 's chosgainn biadh riuth'.
Cha b'e an t-aran dubh bu bhiadh dhaibh.
Ach peasair agus muic-fheòil bhiadhta.
An tè aig Dòmhnall gun bhi glé gheal.
Thug seachd bliadhn' an cuan Eirinn.
Cumail cogadh ri na ceudan.
Cumail Gàidhlig ri luchd Beurla.
Cumail Laidean ri luchd Greugais.
Nuair a thig mo Dhòmhnall-sa dhachaidh.
'S cinnteach mo chìr chùil a falach.
'S cinnteach sìod' 's pasgan anart.
48
In case people can't figure this one out, it's about Donald's Auntie. And with that, I'm awa' at least until tomorrow afternoon. G'night all.
I have to look up the words, but just the sound is beautiful! :)